Ceistean a chuirear gu tric
Ciamar a chlàraicheas mi?
Lìonaibh am foirm clàraidh .
Dè chosgas e?
Gheibhear mion-fhiosrachadh air na cosgaisean air an duilleig chlàraidh .
Càit am bi Cruinneachadh nan Iol-chainnteach a' gabhail àite?
Air adhbhar a' ghalair-sgaoilte COVID-19, bidh Cruinneachadh nan Iol-chainnteach 2021 na thachartas air loidhne - faodaidh sibh pàirt a ghabhail ann bho dh'àite sam bith san t-saoghal cho fad 's a tha ceangal eadar-lìn agaibh.
An-ath-bhliadhn', bidh Cruinneachadh nan Iol-chainnteach sa Phòland , mar a bhathar an dùil an 2020 sa chiad àite.
Chan eil ach aon chànan agam. Am faod mise pàirt a ghabhail?
Faodaidh! Ged as ann don fheadhainn a tha fìor dhèidheil air cànanan a tha an Cruinneachadh, chan eil riatanas foirmeil ann a thaobh cia mheud cànain a dh'fheumas a bhith agaibh. Ma bheir sibh sùil air prògram an-uiridh (no na bhidiothan bhon trup mu dheireadh) agus ma tha sibh a' smaoineachadh gun còrdadh tachartas mar seo ribh, tha fàilte oirbh pàirt a ghabhail. Tha ar com-pàirtichean a' bruidhinn eadar 1 is >30 cànanan, agus 6 mar chuibheas-meadhain.
Dè na cànanan a chleachdas sibh aig a' Chruinneachadh?
Tha pròifil aig gach com-pàirtiche ann an Cruinneachadh nan Iol-chainnteach le liosta de na cànanan a tha iad airson cleachdadh. Chan eil e às an àbhaist an cànan atharrachadh an teis-meadhan còmhraidh no nuair a thig cuideigin eile an sàs ann. Is iad na cànanan as trice a chleachdar Beurla, Spàinntis, Gearmailtis, Fraingis, Ruis agus Esperanto. Na gabhaibh iongnadh ma bhios daoine nur n-àrainn a tha a' bruidhinn cànan air nach cuala sibh sgeul roimhe. Tha a' chuid mhòr de na h-òraidean sa Bheurla, ach thathar a' cleachdadh chànanan eile cuideachd. Thathar an-còmhnaidh a' foillseachadh nan cànanan a chleachdar aig gach òraid sa prògram.
An d' fhuair sibh mo chlàradh/phàigheadh?
Airson a' chlàraidh, gheibh sibh post-d dearbhach sa bhad. Mura tig sin, nach leig sibh fios dhuinn. Nuair a chuireas sibh na cìsean thugainn tron bhanca, tha e gu tric a' toirt beagan làithean mus làimhsich am banca e. Ge b' oil le sin, nuair a ruigeas ur pàigheadh leigidh sinn fios dhuibh an ceann beagan làithean.
Chan eil dòigh agam air airgead a chur thugaibh tron bhanca ro làimhe. Dè as urrainn dhomh dèanamh?
Mur tèid agaibh air ur cìs a chur thugainn tron bhanca ro làimhe, nach leig sibh fios dhuinn. San fharsaingeachd, tha feum againn air pàigheadh ro làimh, ach is urrainn dhuinn mura-bhith a dhèanamh bho àm gu àm.
An e Co-labhairt nan Iol-chainneach eile a tha seo?
Chan e, 's e tachartas fa leth a tha ann an Co-labhairt nan Iol-chainnteach a thèid a cur air dòigh le ar caraidean Richard Simcott is Alex Rawlings agus a ghabhas àite ann an dùthchannan eadar-dhealaichte gach bliadhna. Tha tachartas eile ann a bhios sinn a' deagh-mholadh air a bheil LangFest , a thèid a chumail gach bliadhna san Lùnastal ann an Canada. Tha na trì tachartasan le chèile a' feuchainn ri daoine a thoirt ri chèile a tha nan iol-chainntich no a tha ùidh mhòr aca ann an cànanan agus ar n-ùidh ann an cànanan a chom-pàirteachadh. Tha sinn air leth toilichte fàilte a chur air com-pàirtichean a bha aig Co-labhairtean nan Iol-chainnteach is LangFests roimhe agus a tha airson coinneachadh ri daoine eile a tha fìor-dhèidheil air cànanan a-rithist.