Polyglot Gathering Online – March 6 to 9, 2025
Seadh! An cuala sibh mu Chruinneachadh nan Iol-chainnteach?
'S e Cruinneachadh nan Iol-chainnteach an tachartas eadar-nàiseanta as motha san t-saoghal do dh'iol-chainntich agus don fheadhainn a tha fìor dhèideil air cànanan agus thathar ga chur air dòigh gach bliadhna aig deireadh a' Chèitein. Tha an tachartas air leth seo loma-làn de dh'òraidean is taisbeanaidhean sgoinneil, tachartasan cultarach inntinneach, agus prògram sòisealta spòrsail. Agus dè an rud as fheàrr? Is ann mu chànanan a tha a h-uile càil!
Rè an tachartais, bidh com-pàirtichean a' sgaoileadh a' ghràidh a th' aca air cultaran is cànanan is bidh iad gan cleachdadh, a' com-pàirteachadh ghliocasan is eòlasan, agus as cudromaiche buileach a' cur gu feum iomadh cànan airson deasbad, èisteachd, ionnsachadh, is ri mire an cuideachd a chèile. Luchd-ionnsachaidh, tidsearan, luchd-ùidh, luchd-tòiseachaidh, proifeiseantaich, luchd-saidheans, luchd-foghlaim, tha Cruinneachadh nan Iol-chainnteach an seo dhuinn uile! A bheil sibh deiseil a dhol an sàs ann?
What can I expect?
We’re glad you asked! Besides the in-person event in the Czech Republic, we’ve decided to organise an online event this year as well. We know how important it is for our participants to meet and learn from one another, so we want to make Polyglot Gathering Online 2025 a complete package full of unique online language experiences!
Taisbeanaidhean tlachdmhor
Dèanaibh deiseil togail fhaighinn bho dh'iol-chainntich air feadh an t-saoghail a bhios a' com-pàirteachadh an cuid eòlais le bhith a' toirt seachad òraidean bheò ann an iomadh cànan mu raon ana-mhòr de chuspairean ceangailte ri cànanan. Co-dhiù a bheil sibh airson cànan sònraichte a rùrachadh gu domhainn, gus ionnsachadh mu na diofar dhòighean san ionnsaichear cànanan, bidh òraidean smodaig gu leòr ann a dh'fhaodas sibh taghadh.
Aon uair 's gu bheil na h-òraidean beò seachad, faodaidh sibh coimhead orra a-rithist cho tric 's a thogras sibh fad 1 mhìos an dèidh deireadh Cruinneachadh nan Iol-chainnteach Air Loidhne 2025. Abair sgoinneil!
Seòmraichean cleachdadh chànanan
A bu toil leibh ur cuid Fraingis, Gearmailtis, Innd-Innsis, no Swahili a chleachdadh? Tha cothrom ann dhuibh! Tillidh na seòmraichean cleachdadh cànanan mòr-chòrdte aig Cruinneachadh nan Iol-chainnteach Air Loidhne am-bliadhna agus thèid agaibh air raon farsaing is beòthail de chànanan a chleachdadh tron tachartas air fad còmhla ris na h-iol-chainntich eile. 1 chànan, 1 uair a thìde, 1 shèomar, dìreach taghaibh is siuthadaibh!
Prògram eugsamhail
A bharrachd air na h-òraidean, tairgidh Cruinneachadh nan Iol-chainnteach Air Loidhne 2025 tòrr ghnìomhachdan spòrsail a bhuineas do chànanan agus faodaidh sibh am mealtainn le bhith a' coimhead no a' gabhail pàirt annta. Aig a' char seo, tha tòrr iongnaidhean air leth san amharc dhuinn, mar sin cùmaibh sùil a-mach oir bidh sinn a' foillseachadh mion-fhiosrachadh sònraichte mar a thèid gnothaichean air adhart.
Tachartasan sòisealta is cultarach
Nach gabh sinn spòrs còmhla is aithne a chur air càch a chèile ann an àrainneachd ioma-chànanach! Bha Cruinneachadh nan Iol-chainnteach daonnan mu na daoine agus mu bhith a' faighinn tlachd às an eugsamhlachd de chùl-eòlas, cultar, agus gu dearbh cànanan againn. A dh'aindeoin 's gu bheil a h-uile càil a' tachairt air loidhne san t-suidheachadh làithreach, bheir an tachartas seo oirbh eadar-obrachadh le daoine eile is leigear leibh a bhith a' faireachdainn na h-àrainneachd iol-chainntich aig an ìre as motha.
Pàirt a ghabhail ann an coimhearsnachd iol-chainnteach
Tha a' bhuidheann bheòthail againn an gnìomh mar-thà air Telegram, agus bidh sin fhathast fosgailte tron, agus an dèidh, Cruinneachadh nan Iol-chainnteach Air Loidhne 2025. Airson daoine eile aig a bheil na h-aon ùidhean agaibh fhèin, agus is dòcha beagan aithne a chur air càch a chèile ron Chruinneachadh? Airson conaltradh ri chèile tro na seiseanan, feuch cò tha ri cùisean eadar-dhealaichte fhad 's a tha na seiseanan co-amail ann? Airson leantainn oirbh a' conaltradh leis an luchd-aithneachaidh is caraidean ùra agaibh an dèidh làimh? Mas e "tha" an fhreagairt, seo far an gabh sin dèanamh!
Teisteanas frithealaidh
Gheibh gach com-pàirtiche teisteanas frithealaidh tron phost-d an dèidh an tachartais. Seallaibh gu moiteil e san sgoil, oilthigh, àite-obrach no don t-seanmhair no ogha agaibh!
What is Polyglot Gathering?
Here are a few answers from our participants!
Who are the organizers?
B' iad stèidheadairean an tachartais agus luchd-eagrachaidh nan ciad trì eagran ann 2014-2016 Judith Meyer, Chuck Smith agus Martin Sawitzki. An dèidh sin, ghluais Criunneachadh nan Iol-chainnteach à Berlin sa Ghearmailt gu Brataslàbha ann an Slobhàgia agus thathar ga chur air dòigh bhon uair sin mar bhuidheann neo-phrothaide Education@Internet (E@I), agus Peter Baláž mar phrìomh neach-eagrachaidh an cois le buill eile sgioba sònraichte na buidhne de dh'iol-chainntich is luchd-eagrachaidh.
'S e sgioba eadar-nàiseanta a th' ann an Education@Internet (E@I), a bhios a' toirt a-mach phròiseactan air loidhne agus a thàinig gu bith an toiseach ann an 1999. Air sgàth eòlas an sgioba, chuireadh E@I air dòigh reachdail ann an 2005 mar bhuidheann òigridh neo-phoilitigeach is neo-riaghaltasach.
'S e a tha fa-near do E@I ach saoghal ann an co-sheirm agus sìths, anns am bi gach saoranach a' conaltradh air feadh an t-saoghail le soirbheas is luaths.
This organization’s activities are conducted in accordance with this vision, and with the help of an international group of volunteers, e.g. organizing and supporting projects which disseminate the importance and usefulness of unbarred international communication.
If you love what this organization does for the Polyglot Gathering, please consider donating to help keep it going.